|
Tha an t-àm air tighinn a-rithist airson an sluagh a chruinneachadh. An sluagh
a tha a' faireachdainn ceangailte don talamh agus don mhuir, a tha a' toirt urram
do mòrachd nam beanntan, bòidheachd nan coilltean agus farsaingeachd a' chuain.
Seo a-rithist an t-àm airson nan freumhaichean a neartachadh, gar cheangail d'ar
sinnsearan, gum bi ar meanglanan a' fàs don iarmailt. Seo àm an t-Seann Chreideimh,
an t-Seann Slighe (an "Troth"), a bhitheas a'fàs as ùr às na cridhean fir is mnathan
an t-sluaigh. Thigibh còmhla agus gun tèid òrd an tuath a' cruthachad a-rithist,
an t-òrd bunaiteach daingeann mar comharradh ar Creideamh fhèin. Is iomadh na slighe.
Cuiridh an "Troth" air tairgse mòran sanasan is rathaidean do na Dé is Ban-Dé, o
cionn 's gur iomadh an gnè is am firinn. Tha sinn an dòchas gum bi adhbhar diadhaidh
is cultarail aig na feadhainn a bhitheas a' tighinn thugainn, agus gum bi meas aca
air na feadhainn eile a rinn an aon rud. Cha chuir sinn suas le cuir a dholaidh
an "Troth", nan clò-bhualadh no nan gnìomhachasan againn airson gnìomhachais poileataiceach
no propaganda cinneadalach.
a rèir IDUNNA
Misneachd
Firinn
Urram
Dìlse
Aoigheachd
Munadh
Sùrdalachd
Fèin-mhisneachd
Buanachas
Fiosrachadh mu dheidhinn an ainm "Eldaring":
'S e "eldr" an fhacal Seann Lochlannais airson "teine", le iomadh ciall. Anns
an tuiseal seilbheach (iomadh) atharraichidh e gu "elda". 'S e "cearcall" a tha
ann an "ring" agus cleachdaidh sinn "Eldaring" mar dealbh airson "ceangal no cearcall
nan cagailtean". Chan eil sin gu tur ceart, bhitheadh "Elda Hringr" no "Hringr Elda"
nas fheàrr a rèir riaghailtean gràmarach, ach bha sinn ag iarraidh facal a tha furasda
agus tlachdmhor do teangan agus cluasan Gearmailteach.
air eadar-theangachadh le Mona Myrkriða. |